Sunday 30 December 2007

Fàgail Chille Mhoire

Bha e beagan an dèidh 9m (Disathairne 29 An Dùbhlachd) nuair a ghabh sinn an rathad air ais a dh'Inbhir Pheofharain agus an uair sin a-null a Dhruim na Drochaid airson iomain - co-fharpais eadar gillean a' ghlinne airson cuimhneachan Zandra Nic an Tòisich. Bha e an dèidh 6f mus d' ràinig sinn 56 MBR.

Latha na Nollaige 2007

Ràinig sinn Cille Mhoire aig 8f air 23 An Dùbhlachd air oidhche cho stoirmeil 's a bh' ann bho chionn treis (drochaid an eilein air a dùnadh gu carbadan àrda).
Taigh Ena mu 11m madainn na Nollaige.

Diardaoin 20 An Dùbhlachd


Bha i mu -6C nuair a dh'fhalbh Ceit don sgoil mu 8m.

Oidhche Mhàirt 18 An Dùbhlachd


Nicole na h-aingeal ann an Nativity na sgoile aice. ('S i a th' ann sa mheadhan le beul fosgailte).

Monday 17 December 2007

Tadhal air Slèite

Cha ghabh cur an cèill bòidhchead an latha an-diugh. Dh'fhàg mi an taigh mu 8.15m agus i aig -5.5C agus ràinig i shìos gu -8.5C aig Achadh na Sìne. Bha agallamh agam aig Tobar an Dualchais aig 11m.
Achadh na Sìne mu 9m.
Srath Charran mu 9.30m.

Thursday 6 December 2007

Turas a dh'Achadaphail

Turas goirid bho Diluain gu Diciadain (3-5 An Dùbhlachd). Agus fhad' 's a bha mi thall bha Ceit far na sgoile le tinneas, mar sin cha b' urrainn dhomh a bhith aig an taigh airson coimhead rithe.
Aiseag I air a' chaolas feasgar Dimàirt, 4 An Dùbhlachd.

Naomh Anndra agus ruith na muice

Bha aig meantime ri cluich aig dannsa Naomh Anndra sa Ghearasdsan Oidhche Haoine 30 An t-Samhain. A' cluich aig an aon chuirm bha Marion Anderson agus a còmhlan, Cèilidh Mòr, Còmhlan Pìobaireachd Sgoiltean Cinn-tìre agus Na Occasionals.
Air an Disathairne rinn sinn beagan ullachadh airson cuirm Dihaoine sa tighinn (7 An Dùbhlachd) ann an Dùn Èideann. Aig 1.30f dh'fhàg mi-fhìn agus Daibhidh Ghriais An Gearasdan agus thug mi a dh'Ullapul e airson aiseag Leòdhais.
PS Ruith na muice - b' fheàrr leam gun robh mi air a bhith nas luaithe leis a' chamara a chionn air an rathad a tuath 3 no 4 mìltean gu tuath air Drochaid an Aonachain nach robh pick-up na stad air an rathad a deas agus fear a-muigh air an rathad a' tòmh agus a' smèideadh - bha uircean ma sgaoil agus e a' ruith bho thaobh gu taobh den rathad. Bha Daibhidh a-mach às a' chàr mar an dealanach agus air sàilean an uircein, gus an do thionndaidh e gu h-àithghearr agus an ath rud bha Dàibhidh air a thòin am meadhan an rathaid. Leum mi fhìn às a' chàr agus leis an uircean a' dèanamh orm aig astar nach do chaill mi mo chas ann an eabar oir an rathaid agus air mo ghlùin a chaidh mise an uair sin. Cha b' fhada an dèidh seo agus spòrs gu leòr air a bhith aige agus thug an uircean a chasan leis agus rinn e air an dachaidh, suas rathad tuathanais a bha pìos sìos an rathad.

Darren MacIlleathain agus Freeland Barbour air àrd-ùrlar ann an Ionad Nibheis.
Tormod a' mineachadh dhuinn carson nach robh a chluich cho siùbhlach 's as àbhaist...

Saturday 10 November 2007

St. Columba's Obar Dheathain

Tha cola-deug ann a-nis on a chaidh sinn sìos a dh'Obar Dheathain airson cèilidh a bhathas a' cumail do dh'Eachann air an deireadh-seachdain mu dheireadh aige anns na 15 mìosan de thrèanadh a rinn e ann.







Saturday 20 October 2007

Iomain


An dàrna geama mu dheireadh den t-seusan agus rinn sinn (Gleann Urchardainn) a' chùis 7-1 air A' Mhanachainn. Latha brèagha foghair a bh' ann.



Friday 19 October 2007

Mòd Loch Abair 2007

Thill sinn dhachaigh aig 6f an-diugh, Dihaoine, agus feumar a-nis tilleadh gu 'r beatha làitheil, àbhaisteach an dèidh làithean neo-àbhaisteach a' Mhòid - 'suspended reality' airson 10,000 duine. An dàrna àite airson Buidheann Dràma Inbhir Nis Oidhche Chiadain, co-fharpais an t-seann nòis Diardaoin, agus an dàrna àite airson Coisir Ceann an Tuirc madainn Dihaoine ann an talla Bun-sgoil Naomh Moire.

Sunday 19 August 2007

Runrig, Beat the Drum 2007

Bha i car 'damp'...

Bha gnòthaichean car teann a thaobh parcaidh aig cuirm Runrig ach mu dheireadh thall fhuair sinn àite...

Nicole agus a mamaidh a' sealltainn air Runrig.

BBQ

A' chiad BhBQ den t-samhradh agus thàinig dearrsadh uisge...Disathairne mus deachaidh na sgoiltean air ais, 11 An Lùnastal.

Banais Jessie agus Scott

Port Righ, 28 An Iuchar, 2007.



A' sgeith os cionn Hungladair

An dèidh a bhith trang timcheall air Hungladair chan eil dad as fheàrr leam na bhith a' toirt an adhair orm...

Na lochan mòintich a-rithist.

An dèidh turas bliadhn' an-uiridh a chall, nuair a bha sinn an Astràilia, bha mi toilichte a bhith air ais air an turas, 4-6 An Iuchar. (5 bric - an fhìrinn a th' agam).

Baile nan teantaichean

Sealladh don iar bho os cionn a' champa.

Friday 29 June 2007

Toiseach nan làithean-saora

Madainn Dihaoine - seo dealbh no dhà a thog mi sa mhios a chaidh seachad agus nach d' fhuair an cur ris a' bhlog.

A' Bheinn Mhòr agus A' Chìoch bhon Ghleann Mhòr, Dihaoine 8 An t-Ògmhios, mu 11.30 san oidhche.

Dol fodha na grèine os cionn Am Bac Mòr, Disathairne 9 An t-Ògmhios, mu 9.45 air an fheasgar, air a thogail bho chreag air cladach Eilean nan Damh.

A' ghrian a' briseadh faire aig ceann a deas Eilean Lunga, mu 10.10f.

Sunday 27 May 2007

Hilton House Band

B' e a-raoir a' chiad oidhche aig Hilton House Band a' cluich aig partaidh 40mh ann an talla eaglais Hilton. Chluich iad air fad mar seòid, agus chòrd 'The Hokey Cokey', 'Head, shoulders, knees and toes' agus fonn 'Postman Pat' gu h-àiridh ris na bha an làthair.
Fìdhlear Ken a' leigeil fhaicinn gu bheil e a cheart cho math ri duine air 'The Hokey Cokey'

Fèis Ciùil an Eilein Sgitheanaich 07

Ghabh Meantime pàirt san fhèis chliùitich seo airson a' chiad uair am-bliadhna, a' toirt an àrd-ùrlar orra aig 1.15m, a' cluich gu mu 2.30m, mus tàinig The Incredible Fling Band air.
Meantime air an àrd-urlar faisg air deireadh an t-seat aca (err, leis an fhìrinn 's e Kasabian a th' ann)
Meantime a-rithist... gabh mo leisgeul - Kasabian
Bracaist Meantime - 2 rionnag air Clàr-nan-Isbeanan (sgeile iomraiteach air a riaghladh le Michelin/MacArtair) ann an Taigh-òsta Caol Loch Aillse. Gu mi-fhòrtanach, cha robh e comasach do MhacArtair fhèin a bhracaist a ghabhail air madainn Disathairne ach 's e naidheachd eile a tha sin. Airson tuilleadh fiosrachaidh faic làrach lìn Coisir Ghàidhlig Inbhir Nis...

Wednesday 25 April 2007

Watercolour a-rithist

Bha Meantime san studio a-rithist ag obair air an Treas Tarraing.

Monday 16 April 2007

Bliadhna nas sine a-rithist...

'S e ciad chomharra na h-aoise gun d' thug mi mìos mus d' fhuair mi am post seo air a chur suas (agus a bharrachd). Bha mi ceithir bliadhna deug air fhichead o chionn mìos agus seo dealbh no dhà on dinnear a bh' againn an làthrna-mhàireach...


Thursday 15 March 2007

Achadaphail a h-aon


Lusan a' chrom-chinn, feasgar Disathairne (10.3.07)

B' e seo a' chiad turas againn don Ghlaic Mhòir, Achadaphail, am-bliadhna, agus sinn ga ruighinn mu 11.20f, Oidhche Haoine (9.3.07). Turas tlachdmhor, a' siubhail sìos a' ghlinne mhòir agus ri cladaichean Loch Sgriadain ag èisteachd ri 'Heartland'.
Chìthear dealbh no 2 a thog mi eadar (agus am measg) na frasan.

Eilean nan Damh, Rudha nan Crùban sìos gu ruige Àird Chrisnis bho Achadh na h-Àirde

Monday 5 March 2007

Ruith na cuthaige

Bha Disathairne air a chur seachad a' ruith na cuthaige - prògram rèidio BBC - mar phàirt de sgioba Buidheann Dràma Inbhir Nis; ag èisteachd ri ceistean, a' freagairt cheistean, ag òl uisge, ag òl còfaidh. Bha Ruairidh agus Aonghas còmhla rium agus, chan fhaod mi innis dhuibh ciamar a chaidh dhuinn air neo millear an co-fharpais don fheadhainn nach robh an làthair aig a' chlàradh Disathairne. Feumar èisteachd ri BBC Rèidio nan Gàidheal...a h-uile Oidhche Luain bho 12 Am Màrt.

Friday 2 March 2007

Nuair a nochd a' 'Clerk of Works'

Nuair a thill mi bho m' obair feasgar an-diugh mu 5.20f bha mo phiuthair a-staigh romham airson sùil a thoirt air adhartas an leasachaidh a bhathas ga dhèanamh air seòmar-an-fhrasair againn. Agus cò bha na cois aig nighean mo pheathar - Nicole Ann. Tha Roddie agus Caoimhinn air a bhith a-staigh bho mhadainn Diluain a' toirt a-mach an t-seann fhrasair agus an rùm air fad a striopadh air ais agus a loidhneadh às ùir.
Bidh iad air ais madainn a-màireach airson crìoch a chur air a' chùis ach 's iad a rinn an obair ionmhalta on a thòisich iad.
Seo dealbh no dhà a thog Nicole agus a h-uncail...
Nicole - Uncail Calum is e air tighinn dhachaigh, feasgar Dihaoine.

Nicole-Roddie agus Caoimhinn a' gabhail beachd air doras an fhrasair.


Calum - Nicole - a' gabhail beachd cò às an tig an ath bhriosgaid...

Sunday 25 February 2007

Highland Annual, Dùn Èideann

A bheil sinn glic? Còrr is 300 mìle on dachaigh agus air ais, beagan is 3 uairean a thìde de chadal, a' toiseachdainn a dh'obair aig 12.30 de dh'oidhche... Air an làimh eile, ged-thà, an t-iasg is tiops a b' fheàrr a bh' agam o chionn fhada (le salann agus sàs donn Dhùn Eideann air an sgaoileadh gu fialaidh orra), sgillinn sa phocaid, an cothrom luchd-ar n-eòlais fhaicinn a-rithist (cuid dhiubh air siubhal cho fada ri leth-uair a thìde à Tayport ann am Fìobh, agus cuid eile às an Òban!) agus a bhàrrachd air sin 's ann air an trèana a shiubhail sinn sìos agus suas.

Seo cuid de na dealbhan a thog mi air an oidhche.

Tormod aig a' chèilidh chiallach...mu 10.45f

Nuair nach robh a' chùis cho ciallach, mu 2.50m...
Dithis a bha gu math ciallach, 2.51m...
Daibhidh 'Dòigheil' Ghriais, 2.52m...
Nuair a bha daoine ghlice air an rathad dhachaigh, 3.10m...
Tacsai air a shlighe gu Steisean Waverley, 8.55m...