Tuesday 12 February 2008

Latha Naomh Bhalantain


Mar as dualtach tachairt tha mi am-bliadhna a-rithist gu bhith aig ceann eile na dùthcha bho mo chèile...

Toiseach an earraich

Bha sinn ann an Cille Mhoire eadar feasgar Disathairne 9 An Gearran agus Diluain 11 An Gearran.
Cille a' Bhacastair bho Hùnagladair mu 10m Diluain.

An t-Eilean Sgitheanach thairis air uisgeachan Loch Carran, feasgar Diluain

An t-Eilean Sgitheanach.

Aig Achadh na Sìne thachair sinn air damh òg agus poca an sàs sna cabaran aige.
Bha fìor fhaireachdainn ann gur e latha earraich a bh' ann Diluain - toiseach an earraich. Air neo mar a thuirt an t-Eireannach a bha gam fhrithealadh ann an Tesco madainn an-diugh, "Toiseach an t-samhraidh!"

Làithean-saora am Brora

Ràinig sinn mu 4.15f Diardaoin 7 An Gearran, Taigh-òsta Rioghail na Mara.


Saturday 19 January 2008

An Ceathramh Tarraing

Bha mise, Daibhidh agus Eilidh aig Watercolour fad an latha an-dè (Dihaoine) a' measgachadh a' CD. Bha e gu bhith 10f san oidhche mus d' fhuair mi dhachaigh. Nis, latha mòr gu Bun-sgoil Inbhir Pheofharain Diluain sa tighinn agus Luchd-sgrùdaidh na Banrighinn a' tighinn a chèilidh.

Obair na Tobrach

Chaidh obair a thabhainn dhomh an t-seachdain seo (Diardaoin, 17mh) aig Tobar an Dualchais, 3 latha san t-seachdain an toiseach.

Sunday 13 January 2008

Latha-crìochnachaidh 2007

Oidhche Shathairne, 12 Am Faoilleach aig Ceasaig a Tuath.



Ailig Mòr an Inbhir Nis

Bha Ailig Salmond ann an Inbhir Nis airson Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis fhosgladh gu h-oifigeil.

Oidhche Challain air 'Dodgy Ground'


Ionad na Coimhearsachd, Caol, Loch Abar, Oidhche Challain, mu 11.45f.