Sunday 25 February 2007

Highland Annual, Dùn Èideann

A bheil sinn glic? Còrr is 300 mìle on dachaigh agus air ais, beagan is 3 uairean a thìde de chadal, a' toiseachdainn a dh'obair aig 12.30 de dh'oidhche... Air an làimh eile, ged-thà, an t-iasg is tiops a b' fheàrr a bh' agam o chionn fhada (le salann agus sàs donn Dhùn Eideann air an sgaoileadh gu fialaidh orra), sgillinn sa phocaid, an cothrom luchd-ar n-eòlais fhaicinn a-rithist (cuid dhiubh air siubhal cho fada ri leth-uair a thìde à Tayport ann am Fìobh, agus cuid eile às an Òban!) agus a bhàrrachd air sin 's ann air an trèana a shiubhail sinn sìos agus suas.

Seo cuid de na dealbhan a thog mi air an oidhche.

Tormod aig a' chèilidh chiallach...mu 10.45f

Nuair nach robh a' chùis cho ciallach, mu 2.50m...
Dithis a bha gu math ciallach, 2.51m...
Daibhidh 'Dòigheil' Ghriais, 2.52m...
Nuair a bha daoine ghlice air an rathad dhachaigh, 3.10m...
Tacsai air a shlighe gu Steisean Waverley, 8.55m...

2 comments:

vwdelux said...

bhobh bhobh a Mhalcie. Chan eil thu glic idir idir!!!! Bha deireadh-seachdain math ma tha! A bheil thusa sgith fhathast?

calum said...

Is mi tha sgith fhathast cuideachd.
Is toil leam a bhith san leabaidh mu 10.30f an dèidh cupan bainne teth...