Friday 23 February 2007

A' cruinneachadh beul-aithris agus phort

Bha sinn an Cille Mhoire an deireadh-seachdain sa chaidh agus chuir mi romham beagan clàraidh a dhèanamh air 'a' mhini-diosg'- an dà chuid piuthair màthair Ceit a chur air clàr agus i a' bruidhinn air mar a bha cùisean sna làithean a dh'fhalbh, agus cuideachd bha mi airson Eachann a chur air clàr is e a' cluich cuid de na puirt a rinn e sna bliadhnaichean a dh'fhalbh.
A' faireachdainn coltach ri Allan Lomax no Hamish Henderson, shuidh mi Eachann ri mo thaobh aig bòrd a' chidsin, feadan mo sheanar aige na làimh, agus thòisich Eachann an uair sin a' cluich nam fonn aige; port mall 'Polly's Pride' agus port mall eile, na chuimhnichean air Dòmhnall Buidse, agus lean e sin le dà phort-mairdsidh 6/8. Bha cùisean a' dol cho gasta, rèidh nuair a dh'fhairich mi nach robh am microfòn air... Is math gun robh am pailteas analach aig Eachann bochd agus chaidh aige air na h-uile port a chluich a-rithist - air an clàradh an turas seo air 'mini-diosg' Chaluim.
Cha d' fhuair mi ach criomag bheag bho Ena agus i a' bruidhinn mu thuras a thug i a Mhuile, 's i ag amas air Eilean Idhe. Ach gu mi-fhòrtanach, cha d' ràinig i ri linn na droch shìde. Cha b' e sin a' chiad uair a thachair sin air Caolas Idhe.
Seo dealbh no dhà a thog mi cuideachd. Chan eil microfòn air camara - 'foolproof' mar a theirear sa chànan eile...

1 comment:

vwdelux said...

Dealabhan math a Chaluim. De tha sin anns an t-stove? An robh e do dhinear?!