Mar as dualtach tachairt tha mi am-bliadhna a-rithist gu bhith aig ceann eile na dùthcha bho mo chèile...
Tuesday 12 February 2008
Toiseach an earraich
Bha sinn ann an Cille Mhoire eadar feasgar Disathairne 9 An Gearran agus Diluain 11 An Gearran.
Cille a' Bhacastair bho Hùnagladair mu 10m Diluain.
An t-Eilean Sgitheanach thairis air uisgeachan Loch Carran, feasgar Diluain
An t-Eilean Sgitheanach.
Aig Achadh na Sìne thachair sinn air damh òg agus poca an sàs sna cabaran aige.
Bha fìor fhaireachdainn ann gur e latha earraich a bh' ann Diluain - toiseach an earraich. Air neo mar a thuirt an t-Eireannach a bha gam fhrithealadh ann an Tesco madainn an-diugh, "Toiseach an t-samhraidh!"
Saturday 19 January 2008
An Ceathramh Tarraing
Bha mise, Daibhidh agus Eilidh aig Watercolour fad an latha an-dè (Dihaoine) a' measgachadh a' CD. Bha e gu bhith 10f san oidhche mus d' fhuair mi dhachaigh. Nis, latha mòr gu Bun-sgoil Inbhir Pheofharain Diluain sa tighinn agus Luchd-sgrùdaidh na Banrighinn a' tighinn a chèilidh.
Obair na Tobrach
Chaidh obair a thabhainn dhomh an t-seachdain seo (Diardaoin, 17mh) aig Tobar an Dualchais, 3 latha san t-seachdain an toiseach.
Sunday 13 January 2008
Subscribe to:
Posts (Atom)