Sunday 25 February 2007

Highland Annual, Dùn Èideann

A bheil sinn glic? Còrr is 300 mìle on dachaigh agus air ais, beagan is 3 uairean a thìde de chadal, a' toiseachdainn a dh'obair aig 12.30 de dh'oidhche... Air an làimh eile, ged-thà, an t-iasg is tiops a b' fheàrr a bh' agam o chionn fhada (le salann agus sàs donn Dhùn Eideann air an sgaoileadh gu fialaidh orra), sgillinn sa phocaid, an cothrom luchd-ar n-eòlais fhaicinn a-rithist (cuid dhiubh air siubhal cho fada ri leth-uair a thìde à Tayport ann am Fìobh, agus cuid eile às an Òban!) agus a bhàrrachd air sin 's ann air an trèana a shiubhail sinn sìos agus suas.

Seo cuid de na dealbhan a thog mi air an oidhche.

Tormod aig a' chèilidh chiallach...mu 10.45f

Nuair nach robh a' chùis cho ciallach, mu 2.50m...
Dithis a bha gu math ciallach, 2.51m...
Daibhidh 'Dòigheil' Ghriais, 2.52m...
Nuair a bha daoine ghlice air an rathad dhachaigh, 3.10m...
Tacsai air a shlighe gu Steisean Waverley, 8.55m...

Friday 23 February 2007

A' cruinneachadh beul-aithris agus phort

Bha sinn an Cille Mhoire an deireadh-seachdain sa chaidh agus chuir mi romham beagan clàraidh a dhèanamh air 'a' mhini-diosg'- an dà chuid piuthair màthair Ceit a chur air clàr agus i a' bruidhinn air mar a bha cùisean sna làithean a dh'fhalbh, agus cuideachd bha mi airson Eachann a chur air clàr is e a' cluich cuid de na puirt a rinn e sna bliadhnaichean a dh'fhalbh.
A' faireachdainn coltach ri Allan Lomax no Hamish Henderson, shuidh mi Eachann ri mo thaobh aig bòrd a' chidsin, feadan mo sheanar aige na làimh, agus thòisich Eachann an uair sin a' cluich nam fonn aige; port mall 'Polly's Pride' agus port mall eile, na chuimhnichean air Dòmhnall Buidse, agus lean e sin le dà phort-mairdsidh 6/8. Bha cùisean a' dol cho gasta, rèidh nuair a dh'fhairich mi nach robh am microfòn air... Is math gun robh am pailteas analach aig Eachann bochd agus chaidh aige air na h-uile port a chluich a-rithist - air an clàradh an turas seo air 'mini-diosg' Chaluim.
Cha d' fhuair mi ach criomag bheag bho Ena agus i a' bruidhinn mu thuras a thug i a Mhuile, 's i ag amas air Eilean Idhe. Ach gu mi-fhòrtanach, cha d' ràinig i ri linn na droch shìde. Cha b' e sin a' chiad uair a thachair sin air Caolas Idhe.
Seo dealbh no dhà a thog mi cuideachd. Chan eil microfòn air camara - 'foolproof' mar a theirear sa chànan eile...