Saturday, 1 May 2010
Toiseach a' Cheitin
Is fhada on a bha mi faisg air seo. Ceit a' dèanamh sioft aig aig an Taigh-tasgaidh agus tha agam fhìn a ruith a dh'Uige gu luath.
Saturday, 28 February 2009
Na thachair san eadar-àm
An dèidh dhuinn tìr-mòr fhàgail air 21 An Iuchar 2008 cha robh loidhne fòn againn agus mar sin ceangal eadar-lìn - ach cha robh sinn nar tàmh...
Tuesday, 12 February 2008
Latha Naomh Bhalantain
Toiseach an earraich
Bha sinn ann an Cille Mhoire eadar feasgar Disathairne 9 An Gearran agus Diluain 11 An Gearran.
Cille a' Bhacastair bho Hùnagladair mu 10m Diluain.
An t-Eilean Sgitheanach thairis air uisgeachan Loch Carran, feasgar Diluain
An t-Eilean Sgitheanach.
Aig Achadh na Sìne thachair sinn air damh òg agus poca an sàs sna cabaran aige.
Bha fìor fhaireachdainn ann gur e latha earraich a bh' ann Diluain - toiseach an earraich. Air neo mar a thuirt an t-Eireannach a bha gam fhrithealadh ann an Tesco madainn an-diugh, "Toiseach an t-samhraidh!"
Saturday, 19 January 2008
An Ceathramh Tarraing
Bha mise, Daibhidh agus Eilidh aig Watercolour fad an latha an-dè (Dihaoine) a' measgachadh a' CD. Bha e gu bhith 10f san oidhche mus d' fhuair mi dhachaigh. Nis, latha mòr gu Bun-sgoil Inbhir Pheofharain Diluain sa tighinn agus Luchd-sgrùdaidh na Banrighinn a' tighinn a chèilidh.
Obair na Tobrach
Chaidh obair a thabhainn dhomh an t-seachdain seo (Diardaoin, 17mh) aig Tobar an Dualchais, 3 latha san t-seachdain an toiseach.
Subscribe to:
Posts (Atom)